#IsMiseGàidhlig

Sgaoil na mìltean dhaoine teachdaireachdan thar na deireadh-sheachdainn ag innse carson a tha a' Ghàidhlig cudromach dhaibh.

'S e Liam Alasdair Crouse a chuir a-mach an hashtag Dihaoine, 's e ag ràdh gu robh e air a shàrachadh le daoine a bhith a' cur sìos air a' chànan.

"Tha bliadhnaichean air a bhith dol tha mi a' smaoineachadh bhon a tha sinn air a bhith air ar cur sìos, luchd-labhairt na Gàidhlig air ar cur sìos le na meadhanan,

"Agus bho chionn seachdainn neo seachdainn gu leth bha seachdainn gu math riaslach air a bhith againn, nochd na rudan mu sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh,

"Bha tòrr sgaraidh agus cur sìos a' dol agus nochd an rud anns An Herald agus sin an rud a bha a' cur orm-sa a bhith a' sgrìobhadh air twitter mar a thàinig mise dhan Ghàidhlig", thuirt e.

'S e artagail a sgrìobh Brian Beacom a phiobraich am mì-thoileachas sin 's e a' càineadh an taic-airgid a bheir Riaghaltas na h-Alba seachad airson faclair ùr sa Ghàidhlig.

Taic làidir

Sgaoil an iomairt fad 's farsaing.

"Tha mi a' smaoineachadh mu dheireadh gu robh 7000 tweet ann - bha daoine a' tweetadh à Singapore, à Seattle, à Cape Breatainn - Gàidheil thall-thairis".

"'S e teachdaireachd gu math dòchasach a bh' ann agus bha e a' sealltainn farsaingeachd de luchd-bruidhinn agus cuideachd luchd-taic na Gàidhlig".

Tuilleadh air an sgeulachd seo