Panal-fiosrachaidh ga ghoid

Fhuair Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach briseadh-dùil agus cuideigin air falbh le fear de na panalan-fiosrachaidh aca.

Bha am panal aig An Dìg am measg còrr 's dusan air feadh an taobh sear 's iad a' toirt fiosrachaidh do luchd-coiseachd agus luchd-turais mu na 'Ceumanan' - na cuairtean agus na làraichean as tarraingiche san sgìre.

Bha am panal còrr is meatair a dh'fhaid 's bha e air a bhith ann bho chionn deich bliadhna.

Ged a tha an t-urras am beachd na bùird ùrachachadh bho dheireadh na bliadhna seo, ach thuirt Manaidsear Pròiseact an urrais, Aonghas Moireach, gun iarradh iad air daoine a bhith "modhail" timcheall air na rudan seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile