Beachd air muilnean gaoithe nas motha an Leòdhas

Tha a' chompanaidh Lewis Wind Power a' beachdachadh air muilnean gaoithe nas motha a chur air an dà thuath gaoithe a th' aca san amharc ann an Leòdhas.

Tha iad den bheachd gum biodh muilnean nas motha nas èifeachdaiche, agus iad a' coimhead ri farpais chruaidh airson taic airgid CfD fhaighinn bhon Riaghaltas.

Ma roghnaicheas iad làrach nam muilnean atharrachadh, feumaidh iad cead-dealbhachaidh às ùr fhaighinn.

Tha dà thuath gaoith aig Lewis Wind Power san amharc, aon air cùl Steòrnabhaigh agus fear eile air oighreachd Eisgin anns na Lochan.

Cead-dealbhachaidh

Tha iad a-nis a' beachdachadh an cuir iad muilnean gaoithe nas motha air na làraich, far a bheil cead-dealbhachaidh aca mar-thà, anns am biodh 200 meatair a dh'airde air tuath gaoith Uisenis agus 187m air tuath gaoithe Steòrnabhaigh.

Gheibheadh iad sin le cead atharrachaidh, ach tha iad cuideachd a' beachdachadh am bu chòir dhaibh cuid de na muilnean gaoithe a chur air làraich ùir, agus ma nì iad sin, feumaidh iad cead-dealbhachaidh ùr fhaighinn.

Airson tuath gaoithe Steòrnabhaigh cha chuireadh iad muilnean gaoithe mòra air a h-uile làraich, ach chuireadh iad feadhainn nas lugha, nas fhaisg air na taighean a tha air cùl a' bhaile.

Tha iad ag ràdh gu bheil muilnean gaoithe nas motha nas saoire a ruith, agus le dùil ri farpais chruaidh airson taic airgid CfD an Riaghaltais as t-Earrach sa tighinn, tha iad ag ràdh gun cuireadh sin iad ann an suidheachadh math airson an t-ionmhas sin fhaighinn.