Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-phrìs

Chaidh bun-phrìs airson deoch-làidir a chur an sàs ann an Alba an-diugh. Bidh aig daoine ri co-dhiù leth-cheud sgillinn a phàigheadh airson gach aonad de dheoch-làidir. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e poileasaidh dàn a th' ann a shàbhalas beathannan dhaoine. Bha dàil ann a bhith a' cur an lagh an gnìomh is companaidhean uisge-beatha a' cur na aghaidh.

Ionnsaighean feise

Thuirt àrd-bhritheamh na h-Alba nach bu chòir uallach a bhith air feadhainn a dh'fhulaing ionnsaighean feise no dochann san dachaigh nochdadh anns a' chùirt. Tha am Morair Càrlabhaigh ag ràdh gun gabhadh bhideo a chleachadh airson fianais a thoirt seachad. Tha luchd-lagha dìon air dragh a nochdadh mun mholadh aige ge-tà.

Ioran

Tha Breatainn agus an Fhraing fhathast a' cur an taic ri aonta niùclasach Ioran. Tha seo ged a dh'fhoillsich Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, fiosrachadh a tha e ag ràdh a tha a' sealltainn amas Iran airson armachd niùclasach a chruthachadh. Thuirt Aimeireagaidh gu bheil am fiosrachadh a th' aca-san a' dearbhadh an dearbh rud.

Cumhachd

Tha a' chompanaidh Lewis Wind Power a' beachdachadh air cruinn-gaoithe nas motha a chur air an dà thuath-gaoithe a dh' iarradh iad a thogail. Bhiodh feadhainn dà cheud meatair a dh'àirde air cùl Èisginn, ach cha bhiodh an fheadhainn anns an tuath faisg air Steòrnabhagh buileach cho àrd. Tha a' chompanaidh an dùil gum bi cruinn nas motha nas èifeachdaiche, agus nas fheumaile dhaibh a thaobh taic-airgid bhon riaghaltas a chosnadh.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bi molaidhean ùra air cumhachdan air Oighreachd a' Chrùin ann an Alba a' toirt dhaibh uallach stiùiridh gun an cothrom a bhith aca cosnadh ceart a dhèanamh às. Tha Pàrlamaid na h-Alba a' coimhead ri bile an-dràsta a bheireadh smachd air grunnd na mara agus nithean eile a bhuineas do dh' Oighreachd a' Chrùin ann an Alba, dha na h-ùghdarrasan ionadail. Ach tha dragh air cuid de chomhairlean nach bi a' bhuannachd a bu chòir an lùib sin.

Boireannach a dhìth

Tha na poilis ag ràdh gu bheil iad gu math draghail mu shàbhailteachd boireannaich, a chaidh fhaicinn mu dheireadh a' fàgail club-oidhche ann an Dùn Dè air an deireadh-sheachdain. Chaidh Victoria Ferrier, ochd bliadhna fichead à Dùn Dè, fhaicinn mu dheireadh a' fàgail Club Tropicana air South Ward Street às dèidh uair sa mhadainn madainn Dhisathairne.