Iarrtas às ùr son FAI air tubaist Tornado

Pìleatan: Sqd Ldr Samuel Bailey, Flt Lt Hywel Poole and Flt Lt Adam Sanders Image copyright MOD

Bheir luchd-iomairt fianais, a tha iad ag ràdh a tha ùr, seachad do dh'Oifis a' Chrùin Dimàirt 's iad airson 's gun tèid rannsachadh tubaist bhàsmhor a chumail mun tubaist Tornado ann an Linne Mhoireibh bho chionn sia bliadhna.

Chaochail triùir phìleatan nuair a bhuail dà itealan Tornado bho RAF Inbhir Lòsaidh na chèile far chosta Ghallaibh san Òg-mhìos 2012.

Rinn ùghdarras adhair an airm rannsachadh mun a' chùis.

Tha iomairt air a bhith a' dol son greis a-niste ge-tà ag iarraidh gun deadh sgrùdadh nas fhosgailte a dhèanamh tro rannsachadh FAI.

Bho thachair an tubaist, chaidh an lagh atharrachadh a' ciallachadh gum feumar a-nis rannsachadh FAI a chumail às dèidh bàs san arm.