Iomagain chroitearan mu chruinn-ghaoithe nas motha

Tuath-gaoithe
Image caption Tha cead-dealbhachaidh mar-tha aig Lewis Wind Power ach tha iad a-nis a' beachdachadh air àireamh nas lugha de mhuilnean tòrr nas motha a thogail air an làraich faisg air Steòrnabhagh agus nas fhaide gu deas aig Uisinis.

Tha buidheann de chroitearan a tha an aghaidh phlanaichean airson tuath-gaoithe mòr faisg air Steòrnabhagh air càineadh a dhèanamh air atharrachaidhean a tha anns an amharc airson an sgeama.

Tha cead-dealbhachaidh mar-tha aig Lewis Wind Power ach tha iad a-nis a' beachdachadh air àireamh nas lugha de mhuilnean tòrr nas motha a thogail air an làraich faisg air Steòrnabhagh agus nas fhaide gu deas aig Uisinis.

Tha a' chompanaidh an dòchas gun cuidich seo iad le bhith faighinn taic-subsadaidh a nì cinnteach gun tèid na leasachaidhean air adhart.

Ach tha croitearan airson stad a chuir air leasachadh Steòrnabhaigh a th' air an talamh ionaltraidh aca.

Tha iomagain ann gum biodh na cruinn-ghaoithe nas motha a' ciallachadh nach biodh rùm gu leòr air a' ghriod nàiseanta airson sgeamaichean ath-nuadhachail coimhearsnachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo