Fàs mòr air Cuach na Cloinne

Geama Cuach na Cloinne

Thòisich farpaisean ball-coise roinneil airson Cuach na Cloinne Dimàirt anns a' Ghearasdan.

Tha an fharpais fosgailte do sgoilearan anns na h-ionadan is sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha agus do chloinn eadar prìomh a ceithir agus a seachd.

Tha an fharpais air fàs gu mòr thairis air na bliadhnaichean leis an àireamh de sgiobaidhean as motha riamh a' gabhail pàirt am bliadhna.

Nuair a thòisich an fharpais ann an 2007 bha 39 sgiobannan bho 27 sgoiltean a' gabhail pàirt.

A-rèir Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, Calum Iain MacLeòid, tha a nàdarrach gu bheil na h-àireamhan air a dhol suas:

"Mar a tha àireamhan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' dol an àirde, tha e nàdarrach gum bi barrachd a' gabhail pàirt ann.

"'S caomh le cloinn farpais agus tha iad a' faighinn sin ann an seo mar sin tha e a' còrdadh riutha", thuirt e.

Tha an fharpais cuideachd a' toirt cothrom don chloinn Gàidhlig a chleachadh taobh a-muigh na sgoile.

'S e Bun-sgoil Loch Abair A a chaidh troimhe dhan ath-chuairt às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Bun-sgoil Loch Abair B sa chuairt dheireannaich.

Agus thèid na cuairtean deireannach a chumail ann an Inbhir Nis aig deireadh a' Chèitein.