Dragh a' Choimisein mu lotaichean ùra

Lotaichean
Image caption Sheall fiosrachadh a fhuair an Coimisean bho Census na Croitearachd gun do reic còrr's 100 duine lot neo talamh croite agus nach ann leotha a tha e a-nis.

Tha dragh air Coimisean na Croitearachd gu bheil daoine air lotaichean a cheannach 's gun sin a chlàradh aig a' Choimisean.

Sheall fiosrachadh a fhuair an Coimisean bho Census na Croitearachd gun do reic còrr's 100 duine lot neo talamh croite agus nach ann leotha a tha e a-nis.

Tha dragh air a' Choimisean gu bheil an àireamh nas àirde builleach.

Ach chan urrainn dhan Choimisean am fiosrachadh sin a chlàradh a chionn 's gu feum am fear neo an tè a cheannaich an lot sin a dhèanamh iad fhèin.

Dh'iarr an Coimisean gun cuireadh daoine a th'anns an t-suidheachadh seo fios gan ionnsaigh.

Feumaidh iad innse cuideachd co-dhiu a bheil roinnean sa chùl-cinn na chois.

Clàradh

Mura h-eil, dh'fhaodadh gur e lot fa-leth a th' ann agus thèid a chlàradh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Dh'inns fear dhe na coimiseanaran gun dèan e tàire dhan chroitear fhèin cuideachd.

Thuirt Iain MacIomhair ''mas e agus gun tèid iad a dh'iarraidh taic-airgid a thaobh grantaichean, cha b'urrainn dhan a' Choimisean innse gu bheil còir aca air an fhearann sin agus mar sin chan fhaigheadh iad an taic-airgid a bhiodh iad a' sireadh.''

Thuirt e cuideachd ''chan urrainn dhaibh le cinnt a chantainn dè cheannaich iad - an do cheannaich iad an lot air fad neo an e earrann dhen lot a chaidh a cheannach agus, a-rithist, tha sin fhèin ag adhbhrachadh trioblaidean''.

Tha an Coimisean a-nis ag iarraidh air daoine dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh, a tha air a chlàradh, ceart aca.

Tha sin ri fhaighinn air làrach-lin a' Choimisein fhèin.