Draghan mu phlana Ghàidhlig Oilthigh Obar Dheathain

Oilthigh Obar Dheathain Image copyright Getty Images

Chan eil àrd-amas aig plàna Gàidhlig ùr Oilthigh Obar Dheathain a rèir Chomann Cheilteach an oilthigh.

Tha iadsan air dragh a thogail nach eil am plana a' dol fada gu leòr agus a' cur cuid de phoileasaidhean, leithid taigh Gàidhlig an oilthighe, chun dàrna taobh.

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomainn, Frederic Bayer, gun robh iad air an dreach phlana fhaicinn agus nach eil iad a' dèanamh rudan cudromach 'son Gàidhlig a bhrosnachadh anns an oilthigh.

"Rudan mar fhoillseachadh na Gàidhlig air soidhnichean dà-chànanach agus rudan mar sin chun na h-ìre a bhios sinn fhèin airson faicinn aig an oilthigh."

Tha an Comann cuideachd airson 'Taigh na Gàidhlig' fhaighinn ann an Obar Dheathain stèidhichte air an aon seòrsa ghoireis a tha aig Oilthigh Ghlaschu.

Co-chomhairleachadh

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomainn Cheiltich cuideachd gu bheil iad airson cothrom a thoirt do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh air feadh an oilthigh:

"Dìreach gum biodh thu comasach do chuid Gàidhlig a chleachdadh mar oileanach a tha na Ghàidheal neo oileanach a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, do chuid Gàidhlig a chleachdadh.

"Anns na h-àiteachan eile, chan ann dìreach ann an Roinn na Gàidhlig agus chan ann dìreach anns na clasaichean Gàidhlig ach air feadh an oilthigh".

Ach thuirt neach-labhairt Oilthigh Obar Dheathain gu bheil a' cho-chomhairle mu phlana Gàidhlig an oilthigh a' ruith dhan 9mh den Chèitean agus gun cuireadh iad fàilte air beachdan bho Chomann Cheilteach, luchd-obrach agus oileanaich gus an cànan a thoirt air adhart.

"Tha an Comann Ceilteach na phàirt den bhuidhinn chomhairleachaidh agus bhiodh sinne gu mòr airson am brosnachadh gus beachdan agus molaidhean a chur dhan oilthigh.

"Tha an dàrna deasachadh den Phlana Ghàidhlig a' togail air leasachaidhean susbainte, nar beachd, ann an inbhe, cleachdadh agus togail a' chànain."

Thuirt iad cuideachd: "Tha e ag amas air poileasaidh Gàidhlig amalachadh air feadh an oilthigh airson dèanamh cinnteach gu bheil a' Ghàidhlig a' faighinn prìomhachais ann an gnìomhan agus dòighean-obrach na buidhne agus gun tèid am plana againn a chur an gnìomh ann an dòigh mhaireannach".

Chaidh "Taigh na Gàidhlig" a thabhainn do dh'oileanaich ann an 2015, ach leis nach tàinig ach aon tagraiche air adhart, a dh'aindeoin sanasachd air a shon, cha ghabhadh an iomairt shònraichte seo a chur air bhonn mar a bhathas an dòchas.

An àite sin, chaidh ceist a chur anns a bhileag airson oileanaich a bha a' sireadh àite-fuirich aig an oilthigh, feuch an robh iad ag iarraidh cothrom fuireach le daoine eile aig an robh a' Ghàidhlig.