WW100
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dà thubaist bàta ga chomharrachadh

3 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chumar seirbheis ghoirid aig muir Diardaoin air a' chiad latha de thachartasan a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a chaidh dà bhàta fodha far chosta Ìle.

Chaill còrr is 200 duine am beatha nuair a chaidh an SS Tuscania a chur fodha le torpedo bho bhàt-aigeinn Ghearmailteach.

Air an aon bhliadhna chaidh corr is 450 eile a bhàthadh ann an tubaist an HMS Otranto.

Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.