Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghaidhean ionadail

Bha buil mheasgaichte aig na Làbaraich agus na Tòraidhean anns na taghaidhean comhairle ann an Sasainn an-dè. Ghlèidh na Tòraidhean comhairlean cudromach ann an Lunnainn mar Wandsworth agus Westminster - agus rinn iad adhartas taobh a-muigh Lunnainn cuideachd. Bha gluasad beag chun a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Lunnainn. Cuideachd, rinn iad a' chùis air na Tòraidhean ann am Plymouth. Fhuair na Lib Deamaich smachd air Richmond ann an Lunnainn - bho na Tòraidhean. Cha mhòr nach do chaill UKIP anns a h-uile suidheachan far an robh tagraiche aca.

Cùis-lagha

Tha fireannach a tha fo chasaid gun robh e ag ullachadh airson a' Phrìomhaire Theresa May a mhurt air cantainn gu bheil e neo-chiontach de chasaidean ceannairc ann an cùirt ann an Lunnainn. Tha Naa'imur Rahman, fichead bliadhna a dh'aois à Lunnainn, fo chasaid gun robh e ag ullachadh airson spreadhadh a dhèanamh aig gèataichean Sràid Downing, agus gun robh e an uair sin a' dol a dh'fheuchainn ri faighinn dhan oifis aice agus a marbhadh. Tòisichidh a' chùis-lagha na aghaidh an ath-mhìos.

Bholcàno

Tha bholcàno air spreadhadh faisg air sgìre far a bheil daoine a' fuireach an Eilean Mòr Hawaii. Thàinig air na mìltean dhaoine an dachannan fhàgail, agus tha Riaghladair Hawaii air stàid èiginneach a ghairm. Thuirt aon fianais gu robh lava air spreadhadh tarsainn air rathad mar cùrtair.

Bercow

Tha Labhraiche Thaigh nan Cumantan, Iain Bercow, air a dhol an aghaidh chasaidean ùra de bhuraidheachd. Thuirt Dàibhidh Leakey, a leig seachd a dhreuchd mar Black Rod an-uiridh, gun robh Mgr Bercow air àrainneachd eagallach a chruthachadh. Chuir an seann rùnaire prìobhaideach aig Mgr Bercow casaidean coltach ri seo na aghaidh na bu tràithe an t-seachdain-sa. Chaidh Mgr Bercow às àicheadh nan casaidean sin cuideachd.

Aiseag

Tha dragh am measg ghnìomhachasan ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich gu bheil an t-seirbheis-aiseig eadar Malaig is Armadal a' cur bacadh air fàs eaconamach na sgìre. Tha clàr-ama na seirbeis air atharrachadh gu mòr ri linn triobalaidean ann an lìonra ChalMac, agus sin a' fàgail - a rèir chuid - nach eil uiread de dhaoine a' tadhal air Slèite agus air gnìomhachasan anns an sgìre.