Fianais ga gabhail bho RBS

Gabhaidh Comataidh nan Cùisean Albannach fianais Dimàirt bho Bhanca Rìoghail na h-Alba a tha am beachd còrr is 60 meur a dhùnadh ann an Alba.

Thèid faighneachd dha Àrd-Oifigear a' bhanca, Ross McEwan, mu na tha an dàn dha bancaireachd ionadail anns an ùine fhada.

Bithear cuideachd a' faighneachd dha mu mar a dh'ainmich am banca gun deagh 10 de na meuran aca, a tha fo chunnart dùnadh, a chumail fosgailte gu deireadh na bliadhna.

Tha meuran Bhàgh a' Chaisteil, na Manachainn agus a' Chaoil nam measg sin.

Buaidh air coimhearsnachdan

Bithear a' coimhead ris a' bhuaidh a bheireadh dùnadh nam bancaichean air na coimhearsnachdan anns a bheil iad stèidhichte.

Tha RBS ag ràdh gur e mar a tha barrachd dhaoine ri bancaireachd air-loidhne a th' air cùl a' cho-dhùnaidh aca gus na meuran seo a dhùnadh.

Tha iad cuideachd air gealltainn gun tèid coimhearsnachdan a fhrithealadh fhathast le bhanaichean-banca - ged a tha cuid a' ceasnachadh dè cho math 's a tha an t-seirbheis sin gu bhith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile