CMF a' tilleadh dhan Ghàidhealtachd

'S ann anns an Aghaidh Mhòir a thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail an ath-bhliadhna.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh air an oidhche mu dheireadh de dh'fhèis na bliadhna seo, a bha air a cumail ann an Llanelli anns a' Chuimrigh.

Bithear cuideachd a' comharrachadh 40 bliadhna an ath-bhliadhna bho thòisich an fhèis.

Thuirt an comhairliche Gàidhealach Alasdair MacFhionghain gur e deagh naidheachd a th' ann gum bi an fhèis a' tilleadh dhan Ghàidhealtachd.

A thuilleadh air a' bhuannachd eaconomaich, bheir e cothrom dhaibh cuideachd, thuirt e, a' Ghàidhlig a thaisbeanadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile