Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Putin

Ghabh Vladimir Putin a bhòidean airson sia bliadhna eile mar Cheann-Suidhe san Ruis. Thuirt e nach eil dad air aire ach a dhleastanas do mhuinntir na dùthcha. Fhuair Mgr Putin mòr-chuid anns an taghadh anns a' Mhàrt an dèidh casg bho sheasamh air ceannard a' phàrtaidh dhùbhlain as motha. Chaidh còrr is 1,000 duine a chur an grèim oidhche Shathairne aig caismeachdan an aghaidh Mhgr Putin air feadh na Ruis.

Aonta Niuclasach Ioran

Tha dùil gun tèid Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, air prògram telebhisein Aimeireaganach, agus gun iarr e an sin air a' Cheann-Suidhe Trump gun cùl a chur ris an aonta niuclasach le Ioran. Tha Mgr Johnson, a th' ann an Washington, air artaigil a sgrìobhadh cuideachd anns an do dh'aidich e gu bheil laigsean anns an aonta, ach gun gabh iad sin a chur ceart.

Lunnainn

Tha poilis ann an Lunnainn a' cumail orra le rannsachadh air ceithir tachartasan le gunnaichean anns a' bhaile air an deireadh-sheachdain. Chaill gille, 17 bliadhna de dh'aois, a bheatha, agus tha triùir eile san ospadal ged a tha e coltach nach eil iad ann an cunnart am beatha.

Seirbheis Smàlaidh

Bidh deasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo mu dhòighean obrach Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba. Tha molaidhean ann airson atharrachaidhean anns an t-seirbheis, leithid charbadan nas lugha 's nas luaithe ann an sgìrean iomallach, agus a bhith a' cleachdadh luchd-smàlaidh mar luchd-cobhair meidigeach "First Responder". Tha dragh ann ge-tà, gum biodh nas lugha de stèiseanan smàlaidh ann leis na molaidhean sin.

Stòras Uibhist

Bidh Stòras Uibhist a' cumail coinneimh èiginn shònraichte a dh'aithghearr agus dragh air cuid anns a' choimhearsnachd mu dhòigh riaghlaidh an uachdarain phoblaich. Dhearbh Stòras Uibhist gun d' fhuair iad athchuinge le ainmean gu leòr airson EGM a chumail. Tha cuid de bhuill Sealladh na Beinne Mòire - a' bhuidheann dham buin Stòras Uibhist - a' gearain nach eil iad a' faighinn fiosrachaidh gu leòr bho na stiùirichean.