Milleadh air taigh-sheilean an Inbhir Narann

Seileanan Image copyright Getty Images

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh do taigh-sheilean a bhith air a mhilleadh air talamh àitich faisg air Inbhir Narann.

Chaidh dà bheachaid dhùbailte a chur air talamh aig Deilgnidh an Ear Dihaoine airson cuideachadh ann a bhith a' poileanachadh bàrr sna pàirceannan mun cuairt.

Ach timcheall air 9:00f Disathairne chunnacas gun deach milleadh mòr a dhèanamh air tè dhiubh.

Leis gun robh na beachaidean gan cleachdadh tha gach cuid an neach leis a bheil iad, agus an tuathanach leis a bheil am fearann, air call fhulang.

"Thathas den bheachd gun deach am milleadh a dhèanamh le leithid gèimhleig, a thuilleadh air clachan a bhith air an tilgeil air," thuirt an t-Oifigeach Aithris, an Constabal Màrtainn Camshron.

"Cha ghabhar ri milleadh ge b' e dè an riochd san nochd e, agus tha e ag adhbharachadh buairidh agus cosgais gun adhbhar dha daoine.

"Dh'iarainn air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair bruidhinn ri Poilis an Inbhir Narann, a' cleachdadh an iomraidh NM1536/18, no fòn a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111."