Coin is clamhain gam puinnseanachadh

Clamhan
Image caption Bha dà chlamhan am measg na chaidh a phuinnseanachadh.

Tha na Poilis ann an Siorrachd Pheairt ag iarraidh fiosrachaidh co-cheangailte ri mar a chaidh trì choin-obrach agus dà chlamhan a phuinnseanachadh a dh'aona-ghnothach.

Chaidh na beathaichean a phuinnseanachadh eadar an Damhair an-uiridh agus an Giblean am-bliadhna, timcheall air oighreachdan Eadar Dhà Dhoimhnid agus Bhaile an Craoibhe, faisg air Uisge Tatha.

'S e puinnsean a th' air a chasg san dùthaich seo a chaidh a chleachdadh.

Tha iad ag iarraidh air daoine san sgìre sùil a chumail a-mach agus fios a chur thuca mu dhol-a-mach amharasach sam bith - gu h-àraid air an oidhche.

Thuirt labhraiche às leth Oighreachd Eadar Dhà Dhoimhnid gur iad tachartasan uabhasach a bh' ann a bh' air buaidh a thoirt air oighreachdan agus tuathanasan san sgìre.

Thuirt iad gun robh iad air fios a chur air na Poilis iad fhèin mu na h-uimhir de na tachartasan, agus gu bheil iad ag obair gu dlùth leis na Poilis gus fuasgladh fhaighinn.