A' tional ainmean airson maoraich

Creachann-teine Image copyright SNH

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' tòiseachdainn co-chomhairle poblaich Dimàirt air molaidhean airson ainmean Ghàidhlig airson maoraich.

Bha na h-ainmean a chaidh a mholadh airson a' mhaoraich as cumanta a lorgas ann an uisgeachan na h-Alba air an deasachadh le sgioba bho Dhualchas Nàdair na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

'S e an t-eòlaiche àrainneachd Ruairidh MacGilleEathain a tha air ceann na sgioba a dheasaich an liosta de 85 ainmean.

'S e amas na pròiseict dèanamh cinnteach gu bheil ainm ann airson a h-uile seòrsa de mhaorach chumanta.

Image copyright Graham Saunders

Chan e amas na pròiseict atharrachadh a dhèanamh air cleachdaidhean dual-chainnteach.

Far nach b' urrainn don sgioba ainm Gàidhlig a lorg, bha dùbhlan romhpa ainm a mholadh.

"Tha ceangal làidir eadar ar dualchas nàdair agus a' Ghàidhlig," thuirt Oifigear Gàidhlig Dualchas Nàdair na h-Alba, Robyn Ireland.

"Tha sinn ag iarraidh brosanchadh a dhèanamh air daoine Gàidhlig a chleachdadh nuair a tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn nàdair agus tha sinn an dòchas gun cuidich a' phròiseict seo le sin.

Image copyright Graham Saunders

"Tha sinn a' cur fàilte air beachdan a th' aig daoine air a' phròiseict." thuirt i.

Mar phàirt den phròiseict rinn Ruairidh MacGilleEathain agallamhan le 14 seann daoine le Gàidhlig, a mhòr-chuid anns Na h-Eileanan an Iar.

"Anns an fharsaingeachd bha aontachadh ann air na h-ainmean airson nan seòrsaichean de mhaorach as cumanta," thuirt Ruairidh MacGilleEathain.

"Ach far an robh diofar ainmean air an cleachdadh, air neo far nach robh ainm sam bith, bha an uairsin dùbhlan romhainn roghainn a dhèanamh neo tighinn suas le ainm ùr." thuirt e.

Thathar an dòchas gum bi am briathrachas seo air a chleachdadh le luchd-teagaisg, bith-eòlaichean, eòlaichean-nàdair, maoir-dhùthcha agus pàrantan, agus coimhearsnachd na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.

Tha a' cho-chomhairle a' dol eadar an 8mh là den Mhàrt agus an 19mh là den Ògmhios.

Gheibhear an liosta de dh'ainmean aig www.nature.scot/gaelic-names-marine-molluscs