Deasbad nan rathaidean aig Holyrood

Toll

Thèid droch staid rathaidean na Gàidhealtachd a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Bidh seo mar phàirt de dheasbad nas fharsainge air suidheachadh nan rathaidean air feadh na h-Alba.

Canaidh BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair 's Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, gu bheil muinntir na sgìre air an sàrachadh leis cho dona 's a tha na rathaidean aca.

Tha i ag ràdh gu bheil fìor ghlè bheag de rathaidean air a' Ghàidhealtachd gun tuill.

Thuirt i gun tug Riaghaltas na h-Alba £10m a bharrachd seachad gus rathaidean na dùthcha a chàradh is gun d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd an cuibhreann as motha dheth, is gun robh airgead air tighinn mar-thà gus an A82 is A87 a leasachadh.

Dh'iarr i gun dèan an t-ùghdarras ionadail barrachd.

"'S e a' cheist dè na prìomhachasan a th' aig Comhairle na Gàidhealtachd", thuirt Ceit Fhoirbeis.

"Tha an Geamhradh air a bhith tòrr nas fhuaire na bha e an-uiridh, ach aig a' cheann thall chan eil gu leòr maoineachaidh, nam bheachd-sa, a' dol a-steach dha na rathaidean", thuirt i.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith ag argamaid gum bu chòir dhaibh barrachd airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba leis cho mòr 's a tha an sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile