Fiosrachadh ùr an cùis Chaoimhin MhicLeòid

Caoimhin MacLeòid Image copyright An Teaghlach MhicLeòid

Thuirt teaghlach Chaoimhin MhicLeòid gun do dh'innis na Poilis dhaibh gu bheil iad gus bruidhinn ri còig duine deug mun chùis is fiosrachadh ùr air tighinn am bàrr.

Chaidh corp Mhgr MhicLeòid, a bha 24, a lorg ann an cala Inbhir Ùige sa Ghearran 1997.

Chaidh gabhail ris gur e tubaist a bh' ann, ach tha a theaghlach den bheachd gun deach a mhurt.

Thabhainn na Poilis leisgeul orra roimhe airson fàilligidhean san rannsachadh a rinn iad bho thùs.

Ann am brath Dimàirt, thuirt na Poilis gu bheil iad a' rannsachadh fianais ùir a thug an teaghlach air adhart.

Dh'innis iad aig an ìre seo nach eil fios aca dè dh'adhbhraich bàs Chaoimhin MhicLeòid.

Thuirt iad gu bheil co-fhaireachdainn aca dha teaghlach Mhgr MhicLeòid, is dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis a thighinn a bhruidhinn riutha.