Dòchas a thaobh ionaid iùil

Pleana

Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gu bheil dòchas aige fhathast gum bi ionad ùr iùil nam pleanaichean stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar.

Tha HIAL gus cur às do sheirbheisean iùil aig seachd de na puirt-adhair aca, agus thèid an obair sin a dhèanamh bho aon ionad stiùiridh.

Dh'innis a' bhuidheann do chomhairlichean an t-seachdain seo gun tèid am modal ùr a chur an sàs, ach nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast càite am bi an t-ionad.

Draghan

Tha draghan air a bhith a' leantainn gur ann an Inbhir Nis a bhios e, is gum faodadh buaidh a bhith ann air sàbhailteachd is air obraichean anns na h-eileanan.

Thuirt Uisdean Robasdan gun robh comhairlichean airson is gum biodh HIAL a' conaltradh riutha mun phròiseas bho thoiseach gu deireadh.

Thuirt e gu bheil e riaraichte aig an ìre seo gur e sin a tha a' tachairt.

"Tha iadsan ag ràdh gu bheil iad a' dol a choimhead air a h-uile àite a th' ann is gum bi iad a' coimhead air na h-aon rudan", thuirt an Comh. Robasdan.

"Dè an diofar a thaobh obraichean? Dè an diofar a thaobh sàbhailteachd? Bidh rudan eadar-dhealaichte aig a h-uile port-adhair, ach tha iad ag ràdh gu bheil iad a' dol a choimhead ri seo ann an dòigh faidhir far am bi cothrom aig gach port-adhair.

Dòchas

"An rud a bha sinne a dhìth, 's e gum biodh còmhradh ann leis a' Chomhairle fad an t-siubhail timcheall air seo, gum biodh am fiosrachadh ceart againn is gum biodh fios againn ciamar a tha iad a' dèanamh a h-uile ceum.

"Tha iad air toiseach-tòiseachaidh glè mhath a dhèanamh aig an ìre seo", thuirt e.

Dh'innis HIAL do chomhairlichean cuideachd gun tòisich cìsean parcaidh aig na puirt-adhar sa cheann a tuath air an 1mh den Iuchar, a dh'aindeoin ghearanan mun phlana sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile