Rabhadh mu bheathaichean mara

Leumadairean-mara ann an Linne Mhoireabh Image copyright Des Colhoun / Geograph

Chuir na Poilis iomairt air bhog ann an sgìre Linne Mhoireibh gus rabhadh a thoirt gu daoine gu bheil e an aghaidh an lagh dragh a chur air beathaichean mara.

Bha grunn thursan ann an-uiridh ann an Linne Mhoireibh, timcheall air Sealtainn, agus an Abhainn Tatha far an deach bàtaichean ro fhaisg air beathaichean mara mar leumadairean-mara is mucan-mara.

Tron iomairt seo, thathas ag iarraidh air daoine le bàtaichean a bhith mothachail nuair a tha iad mun cuairt air beathaichean mara.

Tha beathaichean mara ann an uisgeachan na h-Alba air an dìon fo laghan glèidhteachais.

Faodaidh càin suas ri £5,000 a dhol air duine sam bith a bhriseas na laghan sin.

Tha Poileas Alba an dòchas gun tog an iomairt a tha seo aire dhaoine gus nach bris iad an lagh, agus gus nach cuir iad iad fhèin ann an cunnart le bhith a' falbh ro fhaisg air beathaichean mara.

Gheibhear barrachd fiosrachadh an seo.