Athchuinge mu thuathanasan bradain

Bradain

Thèid athchuinge a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh cunbhalach a dhèanamh air buachair bho thuathanasan bradain a chur air beulaibh mhinistearan Diciadain, agus còrr is 40,000 duine air ainm a chur rithe.

Tha e a' nochdadh mus tèid Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, air beulaibh Comataidh na h-Àrainneachd aig Holyrood, 's e a' dol a thoirt seachad fianais mar phàirt de rannsachadh leantainneach air buaidh thuathanasan bradain air an àrainneachd.

Tha a' bhuidheann Scottish Salmon Watch ag ràdh gu bheil fianais ann gu bheil buachair a tha a' tighinn bho thuathanasan agus aonadan giollachd bradain uaireannan ag adhbharachadh ghalairean a tha a' toirt droch bhuaidh air iasg fiadhaich.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil glè bheag de chunnart ann gun sgaoil tinneas eadar bradain bho thuathanasan agus bradain fhiadhaich.

Thuirt Comann Luchd-Giollachd a' Bhradain gu bheil tuathanaich ag obair gu riaghailtean teann a tha a' dèanamh cinnteach gu bheil inbhean gan glèidheadh.