Fear a fhuair bàs ann a tubaist-rathaid air ainmeachadh

Shaun Allan Image copyright Teaghlach Shaun Allan

Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich Shaun Allan, 26, a bhuineadh do dh'Inbhir Nis, às dèidh tubaist-rathaid faisg air Fàrr Diciadain.

Thachair an tubaist air an B851 goirid ro 07:00m.

Bha an duine a' siubhal ann am Ford Focus RS orainds.

Chaidh dràibhear a' chàir a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir is e air a leòn gu dona.

Cha robh càr eile an lùib na tubaiste.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic an càr air an rathad mus robh an tubaist ann fios a chur orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile