Barrachd òigridh an Uibhist

Uibhist Image copyright DJ MacPherson/Geograph

Tha iarrtas an Uibhist airson tuilleadh a chosg air slàinte agus seirbheisean sòisealta.

Tha seo a' tighinn às dèidh do sgrùdadh anns an sgìre sealltainn gu bheil mòran dhaoine òga air a bhith a' gluasad a dh'Uibhist - feadhainn a bhuineas dhan àite agus feadhainn nach buin.

Tha dùil gun tuit àireamh sluaigh nan Eilean Siar thairis air an 20 bliadhna a tha romhainn - ach tha dòchas an Uibhist mu àireamhan an sin.

Chaidh bruidhinn ri beagan a bharrachd air 450 duine nas òige na 40, agus an dàrna leth dhiubh air tilleadh a dh'fhuireach ann an Uibhist, no air ùr thighinn chun na sgìre.

Cron

Eatorra tha iad nam pàrantan do chòrr is 200 duine-cloinne.

Fhuair an rannsachadh cuideachd gun robh 10% den fheadhainn òg a rinn an sgùdadh ag obair air an ceann fhèin, a' toirt a-steach obair croitearachd.

Nam measg tha Coinneach Mac 'ill Eathain, a tha ag obair mar chroitear agus air tuathanas èisg.

Cha do dh'fhàg esan Uibhist riamh, ach tha e a' faicinn gu bheil barrachd dhaoine òga a-niste an sàs anns a' Chomann Àiteachais.

"'S e comataidh aosta a bh' ann ùine mhòr, agus tha mòran dhaoine òga an sàs ann a-niste," thuirt e.

"Tha dithis eile ann a tha an aon aois rium fhèin, agus tha gu leòr de na buill nas òige na 30.

"Gu dearbha, ceann-suidhe na comataidh, tha esan 29, ma 's math mo chuimhne.

"'S mise an iar-cheann-suidhe, agus tha mise 21. 'S e comataidh gu math òg a th' ann," thuirt e.

Ach tha dragh air cuid gum faodadh rannsachadh mar seo cron a dhèanamh air an oidhirp air taic-airgid fhaighinn dha na h-eileanan.

Chan e sgrùdadh foirmeil a bh' ann, agus cha ghabh coimeas dèanamh ri staitistig eachdraidheil.

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil e cunnartach a bhith a' sgaoileadh na teachdaireachd gu bheil Uibhist ao-coltach ri sgìrean dùthchail eile an Alba.

"Tha e air a dhèanamh le feadhainn a tha measail air an àite 's a tha a' feuchainn ri naidheachd mhath mun àite a chur a-mach," thuirt e.

"Ach aig deireadh an là, tha duilgheadasan romhainn, agus tha sinne a' dèanamh argamaid mar chomhairlichean airson tuilleadh taigheadais, agus airson tuilleadh obraichean.

Dòchas

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo a' cur a-mach naidheachd ann an dòigh gu bheil gnothaichean nas fheàrr na tha iad.

"'S e sin an dragh as motha a th' orm," thuirt e.

Ach tha an fheadhainn a chruinnich na h-àireamhan ag ràdh gu bheil e a' sealltainn gu bheil cruaidh-fheum ann airson seirbheisean poblach nas fheàrr anns an sgìre, leithid cùram fiaclaireachd agus meidigeach a chumas daoine òga ann agus a thàlas proifeasantaich òga.

"Tha mise a' smaointinn gu bheil e uabhasach cudromach gum bi co-ionnanachd sheirbheisean air feadh nan eilean air fad," thuirt Jemma Steele, a tha i fhèin am measg an fheadhainn a thill.

"Chan eil e gu diofar co mheud duine a tha a' fuireach ann an Èirisgeigh, chanainn, no ann an Griomasaigh, no ann am Beàrnaraigh.

"Chan eil sinn feumach air seirbheisean mòra aig meadhan gnothaich, ach 's dòcha seirbheisean beaga a tha a' dol timcheall.

"Bhiodh sin gu leòr.

"Ma tha sin ann, bidh sinn ceart gu leòr, tha mi an dòchas."