Wilson MacLeòid a' bruidhinn air a' choinneimh aige le Brian Beacom
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Wilson MacLeòid air coinneachadh ri Brian Beacom

10 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Shoirbhich gu mòr leis an iomairt IsMiseGàidhlig, is na mìltean de dhaoine a' sgaoileadh tweet a shealltainn an taic dhan chànan.

'S e aona phìos anns na meadhanan gu sònraichte a bhrosnaich an iomairt, pìos a sgrìobh Brian Beacom anns an Herald.

A-nis tha Brian Beacom air coinneachadh ris an Oll. Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èideann, 's e ag ràdh gun robh e airson barrachd ionnsachadh mun chànan - agus faicinn carson dìreach a bha freagairt cho mòr ann ris na sgrìobh e.

A' bruidhinn air Aithris na Màidne, mhìnich an t-Oll. MacLeòid carson a choinnich e ri Brian Beacom.