Sgrùdadh air tuathanasan-bradain

Tuathanas-èisg ann an Loch Thoirbheartain Image copyright Jim Barton / Geograph

Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba a' sgrùdadh mar a tha gnìomhachas nan tuathanasan-bradain ag obair.

Gu sònraichte tha a' chomataidh a' sgrùdadh dè a bhuaidh a th' aig na tuathanasan-èisg air an àrainneachd.

Seo a chiad uair a chaidh leithid de rannsachadh a dhèanamh air an roinn bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

Chaidh athchuinge a chur dhan chomataidh le còrr is 40,000 ainm ag iarraidh air deuchainnean tachairt gu tric air an uisge mu thimcheall air tuathanasan-èisg agus na factaraidhean giollachd airson measadh a dhèanamh air an truailleadh a tha iad ag adhbharrachadh.

Chaidh aithisg ullachadh dhan chomataidh agus bha e gu sònraichte a togail air an duilgheadas a th' ann le mialan-mara agus na tha de dh'èisg a' bàsachadh anns na cèidsichean.

Bha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a' toirt seachad a bheachd mar phàirt den sgrùdadh a tha a' chomataidh a' dèanamh agus thuirt e nach eil an dòigh anns a bheil gnìomhachas nan tuathanasan-bradain ag obair an-dràsta idir math gu leòr agus gum feum e atharrachadh.

Tha an gnìomhachas air sìor fhàs thairis air na bliadhnaichean agus tha dùil gu bheil an tuilleadh leudachaidh air fàire, agus dùil gun tig fàs air margaidhean ùra, leithid ann an Sìona.

Tha luach £600m anns a' ghnìomhachas do dh'eaconomaidh na h-Alba gach bhliadhna, agus tha e a' cumail cosnadh ri 2,500 duine.