Obair air an loidhne rèile eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain

An loidhne rèile eader Inbhir Nis is Obar Dheathain Image copyright Bill Harrison / Geograph

Thèid an loidhne rèile eadar Deis agus Obar Dheathain a dhùnadh Disathairne an 12mh là den Cheitean airson grunn sheachdainean is obair càraidh ga dhèanamh air an loidhne.

Tha ScotRail a' faighneachd air luchd-siubhal planaichean a chur air dòigh ma tha iad an dùil an loidhne a chleachdadh.

Tha iad an dùil gum fan an loidhne dùinte airson 14 seachdainean, agus thathar an dùil gum bi an loidhne dùinte a-rithist an ath-bhliadhna airson 15 seachdainean.

Tha an obair seo mar phàirt de sgeama mòr airson leasachadh a dhèanamh air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain a ghearras an ùine siubhal agus a nì àrdachadh air an àireamh de luchd-siubhal a chleachdas an t-seirbheis.

Ged a bhios busaichean a' gabhail àite nan trèanaichean, tha ScotRail a' toirt rabhadh do luchd-siubhal gum bi teansa ann gum bi dàil air seirbheisean fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.