Pròiseact ealain bun-sgoile ga thaisbeanadh aig SMO

Sabhal Mòr Ostaig Image copyright James Allan / Geograph

Thèid a' phròiseict ealain, An Cuan Sgìth, a thaisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig bhon 14mh là den Chèitean.

Tha a' phròiseict air a bhith a' ruith airson dà bhliadhna, le iomlaid eadar clann Bun-Sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach, agus clann Bun-Sgoil Bhaile a' Mhanaich ann am Beinn nam Fadhla.

Chaidh a' phròiseict a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Young Films agus Lasair Ealain.

Bha a' chlann ag obair còmhla ris an luchd-ealain proifeiseanta Julie Brook, Ceit NicDhòmhnaill agus Kath NicLeòid anns a' Ghàidhlig, fo stiùir Lasair Ealain agus le taic bho Shabhal Mòr Ostaig.

'S e amas na pròiseict a bhith a' brosnachadh agus a' toirt chomasan do dhaoine òga ann a bhith a' dealbhadh na h-àrainneachd aca fhèin, ag obair le luchd-ealain gus na beachdan aca fhèin a chur an cèill agus tuigse ùr fhaighinn air àite an àraich.

An dèidh sreath de bhùithdean-obrach a' dealbhadh agus a' peantadh nan àrainneachdan aca fhèin, thadhail clann Bun-Sgoil Shlèite air clann Bheinn nam Fadhla fad trì làithean, far an d' fhuair iad cothroman obrachadh còmhla ann an caochladh àiteachan, falbh gu tachartasan feasgair sa Ghàidhlig agus a' togail charaidean ùra.

Aig deireadh an turais, ghabh sgoilearan Bhaile a' Mhanaich an aiseag thar a' Chuain Sgìth gu ruige an Eilein Sgitheanaich, a' dealbhadh còmhla ris a' chloinn Sgitheanaich agus na tidsearan aca air a' bhàta.

Dh'ionnsaich gach buidheann mar a chruthaicheas iad pìosan-ealain de dh'àiteachan sònraichte san àrainneachd, stèidhichte air dealbhan leabhair-sgeidse, agus a' chlann a' co-obrachadh air dealbhan mòra gual-fhiodha.

'S e na leabhraichean-sgeidse, dealbhan mòra gual-fhiodha agus fiolm den phròiseict a bhios mar phàirt den taisbeanadh agus iad a' sealltainn turas ealanta agus fiosaigeach na cloinne.

Chaidh an obair ealain a thaisbeanadh na bu thràithe am-bliadhna aig Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath, agus thathar an dòchas gun tèid a shealltainn an Inbhir Nis nas fhaide air adhart sa bhliadhna.