Eilean Ulbha air a cheannach dhan choimhearsanchd

the boathouse on Ulva Image copyright Becky Williamson / Geograph

Chaidh a dhearbhadh gun deach Eilean Ulbha a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Chaidh aonta a ruighinn madainn Dihaoine, agus gheibh a' choimhearsnachd sealbh air an eilean air 21mh là den Ògmhios.

'S e a' bhuidheann Companaidh Coille Coimhearsanchd Taobh Iar-Thuath Mhuile a tha air an t-eilean a cheannach fo Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn.

Tha a' bhuidheann ag amas air leasachadh a dhèanamh air an eilean gu h-eaconomach a chum buannachd na coimhearsnachd, gu h-àraid a bhith ag àrdachadh àireamh-sluaigh an eilein.

Chan eil ach sianar a' fuireach ann an-dràsta.

Tha a' mhòr-chuid den airgead airson an t-eilean a cheannach a' tighinn bhon Mhaoin Fearainn na h-Alba, a th' air £4.4m seachad don Chompanaidh Choimhearsnachd.

Bha an t-eilean, còmhla ri beagan fearainn ann am Muile, ann an làmhan an teaghlaich Howard airson barrachd is 70 bliadhna.