Stòras ùr culturail agus nàdarra

An Stòrr Image copyright Thinkstock

Chaidh iarraidh air Dualchas Nàdair na h-Alba stòras ùr airgid a stèidheachadh a nì dìon agus leasachadh air cùisean culturail agus nàdarra na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bidh an stòras stèidhichte air taic Eòrpach ERDF is bidh suas ri £8m ann.

Thig mu £5m bho airgead ERDF a tha a' dol gu Riaghaltas na h-Alba.

'S e an Riaghaltas a dh'iarr air SNH a' mhaoin a chur air dòigh.

Bidh an stòras ag amas gu h-àraidh air sgìrean iomallach far a bheil turasachd cudromach dhan eaconomaidh.

Thuirt Rùnaire na Turasachd, Fiona Hyslop, gu bheil turasachd fìor chudromach do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt i gun cuir an stòras ùr dìon air na gnothaichean sònraichte a tha a' tàladh luchd-turais.

Dh'innis cathraiche SNH gu bheil e an dòchas gum bi buannachdan gu leòr an cois an stòrais.

"Tha dlùth cheangal eadar nàdar is cultar air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan is ann an iomadh àite tha iad cho cudromach 's a ghabhas dhan eaconomaidh ionadail, a' cumail obraichean, sgilean is sluagh anns na sgìrean sin", thuirt Mike Cantlay.

"Tha sinn airson na buannachdan seo a sgaoileadh gu coimhearsnachdan dùthchail eile anns na bliadhnaichean ri tighinn", thuirt e.

Coinnichidh SNH ris na diofar bhuidhnean aig am bi pàirt san stòras nas fhaide air adhart air a' mhìos.

Bidh cothrom aig buidhnean taic iarraidh bhon sgeama bho thoiseach 2019.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile