Dithis an grèim is duine air a dhroch leòn sa Ghearasdan

Rathad Achadh an Todhair, air an A82 Image copyright Stephen McKay / Geograph

Chaidh dithis fhireannach, aois 41 agus 22, a chur an grèim ann a co-cheangal ri mar a chaidh duine a lorg anns a' Ghearasdan agus e air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh an duine, 44, a lorg tràth madainn Didòmhnaich faisg air Taigh-òsta a' Chruachain air Rathad Achadh an Todhair, air an A82.

Thugar e a dh'Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, ach chaidh a ghluasad gu Ospadal na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu far a bheil e gu math ìosail.

Tha na Poilis a' dèanamh sgrùdaidh air CCTV, agus a' dol timcheall nan taighean faisg air làimh, agus dh'iarr iad air duine sam bith a bha faisg air Taigh-òsta a' Chruachain, no air Àrd-Shràid a' Ghearasdain aig an àm, bruidhinn riutha.

Bha an A82 dùinte fad an là eadar Rathad Ashburn agus an cearcall-rathaid a' leantainn gu Rathad Lundavra, ag adhbharachadh dàil mhòir air trafaig air an A82, ach chaidh fhosgladh a-rithist aig 8:00f.

Fhad 's a bha an rathad dùinte cha robh slighe eile aig dràibhearan airson faighinn a-mach is a-steach dhan Ghearadan ach a dhol rathad Aiseag a' Chorrain.

Thog Stiùbhart MacGilleEathain bhon bhuidhinn Compàirteachais an A82 ceist air mar a chaidh dèiligeadh leis an rathad a bhith dùinte, ag ràdh nach robh gu leòr fiosrachaidh air a thoirt seachad do luchd-siubhail.

"Fhad 's a bha an rathad dùinte, cha robh ach glè bheag de dh'fhiosrachadh a' tighinn a-mach, mar dè cho fada is a bhiodh an rathad dùinte.

"Tha sinn air ais chun an t-suidheachaidh far a bheil gainnead de dh'fhiosrachadh a' tighinn a-mach nuair a tha rud mar seo a' tachairt," thuirt e.