Ro-innleachd coiseachd is rothaireachd nan Eilean Siar

HUISINISH

Tha Comhairle nan Eilean Siar is HITRANS a' cur air dòigh ro-innleachd 'son coiseachd is rothaireachd anns na h-Eileanan an Iar.

Tha iad ag amas air slighean-coiseachd is na rathaidean mòra eadar Barraigh agus Leòdhas.

Bruidhinnidh iad cuideachd ri uachdarain phrìobhaideach, far a bheil e 's dòcha a' dol a bhith na bhuannachd aontachadh air slighean a dhèanamh nas fhasa dha luchd-coiseachd no do dhaoine a tha falbh air rothair.

Fallaineachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur ri maoineachadh airson pròiseactan a tha ag amas air daoine a bhith nas fhallaine agus aig a' cheart àm, tha coimhearsnachdan nan eilean ag iarraidh sràidean is rathaidean a tha nas sàbhailte coiseachd orra.

Am-measg na tha iad a' coimhead air, tha leudachadh a dhèanamh air cuid a shràidean son 's gum bi iad sàbhailte do dhaoine coiseachd orra, a bharrachd air daoine eile a tha air baidhseagal.

Feumalachdan eadar-dhealaichte

Bidh iad a' feuchainn ri àitean a dhealbhachadh 'son a bhith a' toirt a-steach daoine le feumalachdan eadar-dhealaichte - seann is òg, daoine ciorramach, agus daoine le diofar sheòrsaichean rothairean.

Tha iad airson buaidh a thoirt air dràibhearan gus smaointinn air daoine a tha a' coiseachd no air baidhseagal 's tha iad cuideachd airson barrachd shanasachd a dhèanamh a thaobh slighean a dh'fhaodadh daoine a ghabhail.

Mur nach b'urrain dhuibh tighinn dha na coinneamhan, faodaidh sibh fios a chur an seo bhon 16mh Ceitean, no post-d a chur gu activetravel@cne-siar.gov.uk.

Thèid athisg a sgrìobhadh le na beachdan a nochd bho na coinneamhan agus thèid fhoillseachadh aig deireadh an Ògmhìos.