Ath-sgrùdadh air innealan-airgid

Airgead Image copyright PA

Tha dragh ann gun caill sgìrean ann an Alba innealan nam bancaichean balla agus a' chompanaidh a tha a' ruith a' mhòr-chuid dhiubh, Link, a' dèanamh ath-sgrùdaidh orra.

Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach ann am Pàrlamaid Westminster a' toirt sùil air an t-suidheachadh Dimàirt.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga a' toirt rabhaidh gur dòcha gun tèid na mìltean de na h-innealan a dhùnadh.

"Tha sinn fhèin a' faicinn mar a tha cùisean anns na Hearadh gu math tric, far am bi an inneal dheth ro thric," thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Briannan MacNèill.

"Mar sin dheth tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e gu bheil an leithid sin de dh'innealan air feadh an àite.

"Tha mi a' smaointinn nach bu chòir do na mìltean a bhith a' dùnadh.

"Tha sinn a' faicinn cheana a' chron a tha bancaichean a' dèanamh, an àite a bhith a' smaointinn air dè mar a chuidicheas iad daoine agus dè mar a chuidicheas iad an eaconomaidh anns a bheil iad fhèin beò, 's ann a tha iad a' coimhead air dòighean airson airgead a dhèanamh anns an ùine ghoirid, seach a bhith a' smaointinn air an ùine mheadhanach chun na h-ùine fada.

"Aig deireadh an là, mura bi na h-innealan sin againn, ma tha an treas cuid de dhaoine a' dol thuca 's chan fhaigh iad airgead, tha sin a' dol a dhèanamh cron mhòir mhòir air an eaconomaidh.

"Tha mi an dòchas gun cluinn sinn nach eil beachd sam bith aca an dùnadh. Gu bheil iad airson a bhith a' cur neart is cuideachaidh dhan eaconomaidh gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail, agus air feadh Alba agus anns an Rìoghachd Aonaichte cuideachd - tha gnothach aca ri sin.

"Chan e rud a tha sinn ag iarraidh bho na bancaichean gu bheil iad a' cur suas nam prothaidean aca fhèin anns an ùine ghoirid agus a' dèanamh cron air a h-uile duine eile fhad 's a tha iad a' dèanamh sin le bhith a' gearradh sheirbheisean," thuirt e.