Chaochail fear a chaidh a leòn sa Ghearasdan

Rathad Achadh an Todhair, air an A82 Image copyright Stephen McKay / Geograph
Image caption Chaidh Mgr MacGuaire a lorg air Rathad Achadh an Todhair sa Ghearasdan, faisg air Taigh-Òsta a' Chruachain mu 03:50m DiDòmhnaich, 13mh an Cèitean.

Tha fireannach a chaidh a lorg 's e air a dhroch ghoirteachadh sa Ghearasdan air bàsachadh san ospadal.

Chaidh ainmeachadh mar Mark MacGuaire, a bha 44, agus a' bhuineadh do Dhrochaid an Easbaig, Dùn Bhreatann an Ear.

Chaidh Mgr MacGuaire a lorg air Rathad Achadh an Todhair sa Ghearasdan, faisg air Taigh-Òsta a' Chruachain mu 03:50m DiDòmhnaich, 13mh an Cèitean.

Tha na Poilis a' dèiligeadh ri a bhàs mar chùis neo-mhìnichte aig an ìre seo.

Chuireadh dithis fhireannach, aois 41 agus 22, an grèim an co-cheangail ris a' chùis. Chaidh an saoradh, agus tha rannsachadh nam Poileas a' leantainn.

"Bu mhath leam mo cho-bhròn a chur an cèill ri teaghlach Mhgr MhicGhuaire, agus ri a chuid charaidean aig an àm seo," thuirt an Det. Insp. Richard Baird.

"Tha iad gu mòr nar smuaintean agus sinn a' leantainn nar cuid rannsachaidh.

"Thathas a' dèiligeadh ri a bhàs aig an ìse seo mar chùis neo-mhìnichte, agus tha sinn a' cumail oirnn ag obair a dh'ionnsaigh fuasgladh iomlan fhaighinn a thaobh na dh'adhbharaich a bhàs.

"Bidh oifigearan a' rannsachadh san sgìre, agus dh'iarrainn air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh nach eil air tighinn air adhart thuige seo fios a chur air na Poilis air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise NP2313/18, no fòn a chur gu Crimestoppers on 0800 555 111," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo