£8.6m do bhailtean mòra na h-Alba

Àrd-Shràid Pheairt Image copyright Dòmhnall MacLeòid
Image caption Thèid togalach bhon 18mh Linn air Àrd-Shràid Pheairt a dhèanamh suas.

Gheibh na seachd bailtean mòra an Alba còrr is £8.6m 'son pròiseactan a tha a' dol a dhèanamh ath-nuadhachaidh air goireasan eachdraidheil.

Tha an ionmhas a' tighinn bho phrògram Urras Dhualchais Bhailtean a tha fo smachd Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Tha iad ag amas air piseach a thoirt air seann togalaichean ann am bailtean na h-Alba, agus thèid an obair air adhart thairis air an ath-thrì bliadhna.

Bidh iad a' feuchainn ri cosnaidhean ionadail a chruthachadh agus a' toirt chothroman treànaidh seachad do dhaoine òga, sgilean ùra ionnsachadh mu bhith a' coimhead às dèidh seann togalaichean.

Tha am prògram air a bhith dol o chionn 15 bliadhna agus tha iad air a bhith a' brosnachadh choimhearsnachdan a bhith a' smaointinn air an dualchas eachdraidheil a tha timcheall orra agus ag aithneachadh cho prìseil 's a tha e.