Teannachadh air luchd-frithealaidh euslainteach

Suaidheantas son Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' teannachadh mar a nì iad co-dhunadh air luchd-frithealaidh euslainteach a tha a' dol gu ospadalan air Tìr-Mòr, no eadar na h-eileanan.

A' bruidhinn air beulabh Comataidh Slàinte is Spòrs, ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt Cathraiche a' Bhùird, Niall Mac a' Bhreatannaich, gun robh na h-àireamhean de luchd-taic a bha a' frithealadh euslainteach 's iad a' siubhal gu ospadalan air Tìr-Mòr, no eadar eileanan, air streun mòr a chur air ionmhas na buidhne.

Bho chionn fhada bha an Riaghaltas a' pàigheadh chosgaisean nan euslainteach agus an neach-frithealaidh airson a bhith a' siubhal dhan ospadal, ach bho chionn ceithir bliadhna chaidh an t-uallach sin a thoirt seachad dha na bùird shlàinte ionadail.

£3m air cosgaisean siubhail

"Anns a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh tha sinn air còrr is £3m a chosg air siubhal, agus tha eadar 46% agus 48% dheth sin air a chosg air luchd-frithealaidh nan euslainteach.

"Ann an cuid de shuidheachaidhean tha an luchd-frithealaidh deatamach, ach ann an suidheachaidhean eile, dh'fhaodadh coinneamh a bhith air a cumail thairis air a' fòn leis an dotair, an àite aghaidh ri aghaidh, 's bhiodh sinn a' sàbhaladh tòrr airgid", thuirt Mgr Mac a' Bhreatannaich.

Tha gearainean air èirigh am measg an t-sluaigh mu mar a tha co-dhùnaidhean air an ruighinn a thaobh luchd-frithealaidh.

Bho seo a-mach 's ann aig Stiùiriche Meidigeach a' Bhùird a bhios am facal mu dheireadh air a bheil feum air neach-frithealaidh no nach eil.

Ron seo, 's e na dotairean teaghlaich ionadail a bha a' dèanamh a' cho-dhùnaidh sin.