Gealltanas mu sheirbheisean-iùil

Pleana

Dh'innis Ministear na Còmhdail nach tèid siostam iùil nam plèanaichean air a' Ghàidhealtachd atharrachadh gun chinnt gum bi e cho sàbhailte 's a ghabhas.

Bha Humza Yousaf a' bruidhinn ri Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tha HIAL gus cur às do sheirbheisean iùil aig seachd de na puirt-adhair aca.

Thèid an obair a dhèanamh bho aon ionad stiùiridh às dèidh sin.

Tha ceistean air nochdadh mu shàbhailteachd is draghan ann cuideachd gun tèid obraichean a chall.

'S e an t-aonadh Prospect, a tha a' riochdachadh luchd-iùil nam plèanaichean, a' bhuidheann às ùire a tha air ceistean a thogail.

Plana

Tha iadsan ag ràdh nach eil lìonra conaltraidh na Gàidhealtachd math gu leòr airson siostam mar seo a chur an sàs.

Thog am BPA Gàidhealach Uaineach, Iain Finnie, na draghan sin leis a' Mhinistear aig a' chomataidh Diciadain.

Thuirt Mgr Yousaf gun coinnich e ri Prospect gus bruidhinn mun chùis, ach gheall e nach biodh atharrachadh ann gun chinnt gum bi e sàbhailte.

"Tha Prospect ceart draghan a thogail mu chonaltradh ach 's e plana a tha seo a bhios air a chur an sàs tarsainn air eadar 10 is 15 bliadhna", thuirt Humza Yousaf.

"Tha mi cho cinnteach 's a ghabhas gum bi bun-structair conaltraidh is didseataich againn ann an àite thairis air an àm sin.

"Ach an rud eile a chanainn, cha toireadh an CAA cead seachad airson seo gun a bhith cinnteach gun robh e sàbhailte is gun robh grunn ìrean ann, 6 no 7, nam biodh fàilligeadh ann gum biodh ìre eile ann", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile