Gearain mu atharrachadh eile ChalMac

Bàt-aiseig Image copyright Undiscovered Scotland

Bu chòir do cho-dhùnaidhean mu lìonra bhàtaichean-aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a bhith air an dèanamh le daoine aig a bheil tuigse mun bhuaidh a bheir iad air na h-eileanan.

Sin a rèir Ùisdein Robasdain, Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Seirbheisean air an lùghdachadh

Bha Mgr Robasdan a' bruidhinn is a' Chomhairle a' gearain mun bhuaidh a bheir atharrachadh sa chlàr-àma air Uibhist nuair a thèid an MV Clansman a-mach à seirbheis a-rithist airson a càradh aig toiseach na h-ath-mhìos.

Airson a' chiad dusan là den Ògmhios, cha bhi seirbheisean ann eadar Loch Baghasdail is Malaig, neo Loch Baghasdail agus an t-Òban, le CalMac a' cur sheòlaidhean a bharrachd air dòigh eadar Barraigh is Èirisgeigh airson luchd-siubhail a ghliùlain tro Bhàgh a' Chaisteil.

"Tha mi a' smaointinn gur e sin an co-dhùnadh a tha sinne mar chomhairle air tighinn thuige," thuirt e.

Co-dhùnaidhean air an dèanamh fada air falbh

"Tha na co-dhùnaidhean a tha seo air an dèanamh shìos gu math nas fhaide gu deas ann an Guraig, agus aig deireadh an là chan eil e a' cur dragh sam bith orrasan càite an tèid aiseag, no dè tha a' tachairt anns na coimhearsnachdan a tha seo.

"Nam biodh earrann dhiubh a' fuireach 's ag obair anns a' choimhearsnachd a tha seo choimheadadh iad air an dealbh ann an dòigh eile agus thigeadh iad gu co-dhùnaidhean gu math nas fheàrr na tha iad a' tighinn thuige an-dràsta," thuirt e.

Thuirt CalMac gur e obair riatanach a tha seo is gu bheil iad air leisgeul a thabhainn air na coimhearsnachdan a tha a' fulang.

Thuirt iad gum bi làn-sheirbheis a' tòiseachdainn a-rithist air an 13mh là den Ògmhios.