Sàbhaladh de £9m airson Comhairle na Gàidhealtachd

Ionad chur-seachad Inbhir Nis Image copyright Graham Hogg / Geograph

Shàbhail a' bhuidheann High Life na Gàidhealtachd £9m do Chomhairle na Gàidhealtachd anns a' chòig bliadhna mu dheireadh.

Tha seo a rèir aithisg bho Bhuidhinn-Sgrùdaidh na h-Alba, às dèidh dhaibh sgrùdach a dhèanamh air buidhnean den t-seòrsa seo air feadh na h-Alba.

'S e a' bhuidheann High Life na Gàidhealtachd a tha a' toirt seachad sheirbheisean spòrs is cultarail às leth na Comhairle.

Thuirt Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba gun tàining barrachd is leth den t-sàbhaladh a dh'adhbharraich High Life na Gàidhealtachd bho shàbhalidhean air reataichean agus Cìs Luach-Leasaichte.

Agus thuirt iad gun tàinig na sàbhalaidhean eile bho àrdachadh ann an teachd-a-steach agus ann an èifeachdas na buidhne.

Rinn Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba moladh ge-tà, gum bu chòir do chomhairlean coimhead air dòighean eile air seirbheisean a thoirt seachad cuideachd, mar a bhith a' leigeil do bhuidhnean coimhearsnachd a bhith an sàs ann a bhith a' frithealadh sheirbheisean.