Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cur Gheall

Dh'fhoillsich an Riaghaltas laghan ùra nas teinne air innealan cur gheall. Thèid an t-suim as motha a dh'fhaodar a chur air na h-innealan ìsleachadh gu dà not. Fo na laghan a th' ann an-dràsta faodaidh cluicheadairean suas ri £100 a chur orra gach turas a chluicheas iad. Tha gnìomhachas cur gheall na dùthcha air rabhadh a thoirt gun tèid dreuchdan a chall ri linn an atharrachaidh. Ach tha luchd-iomairt air fàilte a chur air an naidheachd.

Aonadh Cusbainn

Tha aithrisean ann gu bheil an Caibineat air deasbad a chumail air am faodadh Breatainn fuireach ann an aonadh cusbainn an Aonaidh Eòrpaich airson ùine nas fhaide na chun na Dùbhlachd 2020. 'S e seasamh oifigeil an Riaghaltais an-dràsta gum fàg an Rìoghachd Aonaichte aonadh cusbainn an EU aig deireadh ùine eadar-amail Bhrexit na dùthcha. Tha sgaradh ann eadar ministearan a thaobh dè bu chòir tachairt tha e coltach.

CalMac

Chaidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn a chàineadh agus iad air co-dhùnadh casg a chur air seirbheisean à Loch Baghasdail aig toiseach na h-ath-mhìos. Tha an MV Clansman a' falbh gus proipeilear ùr fhaighinn. Tha CalMac air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh air Caolas Bharraigh ach am faigh luchd-siubhail air a dhol tro Bhàgh a' Chaisteil. Tha a' chompanaidh air leisgeul a thabhainn dha na coimhearsnachdan air an toir seo buaidh, ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e eisimpleir eile a tha seo de cho-dhùnadh a chaidh a ghabhail gun tuigse air suidheachadh nan Eilean.

Ebola

Tha fear ann an àrd-dhreuchd ann am Buidheann Slàinte na Cruinne air rabhadh a thoirt gum faodadh an galar Ebola sgapadh gu mòr ann am Poblachd Dheamocratach a' Chongo. Thàinig dearbhadh ann an sin gu bheil e air sgapadh o sgìrean dùthchail gu baile mòr. Tha Ebola air a bhith air 42 duine, 's tha fios le cinnt gu bheil 23 duine air am beatha a chall ri linn. Thuirt Peter Salama gun robh e iomagaineach dha-rìribh mun t-suidheachadh.

Mothercare

Tha dragh ann gun tèid dreuchdan a chall aig a' chompanaidh Mothercare. Tha dùil aca 50 den 137 bùth a th' aca air fhàgail a dhùnadh. Thathar cuideachd a' sùileachadh gun tèid seann àrd-stiùiriche na companaidh, a chaidh a chur às a dhreuchd o chionn mìos, fhastadh a-rithist. Tha dùil gu bheil mu 800 dreuchd ann an cunnart falbh.