Faiceall mu theintean

Teine-campachaidh Image copyright Lorne Gill SNH

Leis an t-sìde bhreagha a th' air air a bhith againn, tha Dualchas Nàdair na h-Alba air rabhadh a thoirt seachad do dhaoine a bhith faiceallach nuair a tha iad a' lasadh teintean air an tuath.

Tha iad gu h-àraidh ag amas air daoine a tha a' campachadh, no daoine a tha air a' bhlàr-a-muigh agus a' cleachdadh bharbaiciù a cheathar air falbh.

Tha rabhadh cunnart bho theintean an sàs ann dràsta anns an ear-thuath, an ear-dheas agus meadhan na h-Alba eadar 16mh - 23mh Cèitean leis cho blàth 's a tha an aimsir air a bhith.

Cùramach

Thuirt Manadsear Chur-Seachadan is Turasachd aig SNH, Mark Wrightham, gur e fìor dheagh rud a th' ann gu bheil daoine a' dol a-mach dhan àrainneachd àlainn anns an t-sìde bhlàth, ach tha e cudromach cuimhneachadh gum faod teintean sgapadh gu math luath 's gum faodar cron uabhasach a dhèanamh air beathaichean is nàdar.

"Anns an aimsir seo, tha sinn a' moladh do dhaoine a bhith faiceallach nuair a tha iad a' cur thuige teine - tha e nas fheàrr stòbha-campachaidh a chleachdadh.

"'S fhèarr a bhith cùramach cuideachd nuair a thathas a ceathamh cigarette air falbh, chionn dh'fhaodadh sin teine a thòiseachadh gu luath."

Tha SNH a' moladh a bhith a' seachnadh teine a chur thuige gun smachd a chumail air, agus a bhith cinnteach gu bheil e às mus fhàgar e agus an aon rud a thaobh bharbaiciù, agus dèanamh cinnteach gu bheil iadsan air an cumail air falbh bho fheur no fraoch a dh'fhaodadh lasadh gu furasta.