Slighe nam muc-mhara

Muc-mhara Image copyright Kerry Froud HWDT

Tha Urras Mhucan-Mara is Leumadairean Innse Gall a' lorg bheachdan air slighe shònraichte a chur air dòigh 'son seallaidhean fhaighinn air mucan-mara.

Tha an t-Urras airson bruidhinn ri coimhearsnachdan is gnìomhachasan 'son faighinn a-mach càite a bheil na h-àitean as fhèarr air costaichean an taobh siar 'son sùil fhaighinn air mucan-mara, leumadairean, is phuthagan.

Bhiodh an t-slighe a' toirt a-steach lìonra de 25 làraichean far am faicear na beathaichean àlainn seo, no aig a bheil ceangal cultarail riutha.

Àrainneachd na Mara

A rèir an Urrais, leis an t-slighe seo, bhiodh Alba air fhaicinn mar phrìomh àite 'son a bhith a' dol a choimhead mhucan-mara, leumadairean agus phuthagan 's bhiodh a' phròiseict a' brosnachadh dìon a chur air beathaichean agus àrainneachd na mara.

Tha cairteal de ghnè mhucan-mara is leumadairan an t-saoghail ri fhaighinn ann an uisgeachan air costa siar na h-Alba, nam measg Muc-Mhara-Mhionc, Muc Bhiorach agus Orca.

Tha an t-Urras an dòchas gum bi an t-slighe deiseil as t-Samhradh an ath-bhliadhna, agus iad an dùil gum bi gnìomhachasan turasachd fiadh-bheatha, làraichean dualchais a tha a' sealltainn a' cheangail a bh' aig daoine gu h-eachdraidheil le mucan-mara ann an Innse Gall a bhith an sàs.

40% de thurasachd an Alba ceangailte ri Nàdar

Bidh bùird-fhiosrachaidh air an cur air suas aig cuid de na làraichean a' sealltainn dè seòrsa bheathaichean a dh'fhaodar fhaicinn àsta.

Bithear a' coimhead air làraichean bho Abhainn Chluaidh aig deas, am Parbh aig tuath, agus cho fada an iar ri Hiort agus bidh làrach-lìn air a cur air dòigh a' moladh diofar shlighean, dè seòrsa sheirbheisean còmhdhail a th' ann dha na diofar àitean, agus bidh cothrom aig luchd-turais na dealbhan aca fhèin a chur air an làraich.

Thuirt Stiùriche VisitScotland, Dàibhidh Adams MacFhilip, gum biodh an t-slighe ùr seo a' cur ris a' chliù a th' aig Alba mar àite air leth a thaobh fiadh-bheatha is nàdair, 's gun toir e cothrom do choimhearsnachdan tighinn còmhla 'son a h-uile sian a tha a' dèanamh Innse Gall na àite air leth tlachdmhor a bhrosnachadh.

"Le àireamhan a' sealltainn gu bheil 40% de na thèid a chosg air turasachd an Alba ceangailte ri nàdar, tha an dualchas seo prìseil 'son a bhith a' tàladh luchd-turais," thuirt Mgr Adams MacFhilip.

Fhuair an t-Urras £175,000 bho Stòras Choimhearsnachdan nan Costaichean 's faodar beachdan a thoirt seachad an seo air dè na h-àitean a bhiodh freagarach airson na slighe.

Thèid bùithdean-obrach is tursan sgoile a chur air dòigh, a bharrachd air trèanadh 'son daoine a tha airson a bhith ag obair gu saor-thoileach a' toirt seachad stiùiridh air ciamar a bu chòir coimhead air na mucan-mara agus ciamar a dh'fhaodar clàradh na thathas a' faicinn.