WiFi an asgaidh san Aghaidh Mhòir

WiFi an asgaidh anns an Aghaidh Mhòir Image copyright Highland Council

Tha cothrom WiFi an asgaidh fhaighinn am meadhan na h-Aghaidh Mòire le pròiseact a chaidh a chur air bhon le Comhairle na Gàidhealtachd, agus e air a mhaoineachadh le airgead bho Chùmhnant Baile-Roinne.

Tha a' phròiseict 'High-Fi' ag amas air eaconomaidh na Gàidhealtachd a leudachadh, agus tha seo a' toirt a-steach sheirbheisean didseatach.

Thèid an aon rud a dhèanamh ann an 13 bailtean eile, Alanais, Inbhir Pheofharain, Druim na Drochaid, an Gearasdan, Cille Chuimein, Inbhir Ghòrdain, Inbhir Narann, Port Rìgh, Baile Dhùbhthaich, Inbhir Theòrsa, Ulapul, agus Inbhir Ùige.

Deatamach

Thuirt Cathraiche Comataidh Bhàideanach agus Srath Spè, an Comh. Bill Lobban, gur e naidheachd air leth a bha seo dhan Aghaidh Mhòir.

"Tha e deatamach gu bheil ceangal didseatach againn anns an là a th' ann, agus le bhith a' toirt WiFi an asgaidh do luchd-turais agus daoine às an sgìre fhèin, bidh e a' toirt cothrom dhaibh faicinn dè tha dol, càite am bu chòir dhaibh tadhal, cuin a tha na h-àitean sin fosgailte ... a bharrachd air a bhith a' cumail suas ri teaghlaichean is caraidean."

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £135m a-steach dhan aonta-baile, le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur £53.1m ris, agus bidh a' Chomhairle agus buidhnean eile a' cur £127m ann airson 's gum bi seirbheisean didseatach, cùram-slàinte didseatach, agus bun-structar is sgilean air leth san sgìre.