Trainnsichean air an ath-chruthachadh do sgoilearan

Trainnse Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX

Chaidh trainnsichean den t-seòrsa bhon Chiad Chogadh a thogail faisg air Ulapul mar phàirt de phròiseact sgoile.

Tha sgoilearan bho bhun-sgoiltean ann an Ulapul, Loch an Inbhir, Ach Ille Bhuidhe, Bada Call agus Sgoraig an sàs anns a' phròiseact eachdraidh.

Bha na trainnsichean air an cladhach ann an pàirce air tuathanas faisg air Ulapul.

Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX

Tha na sgoilearan air a bhith a' rannsachadh leabhair, Fir Loch Bhraoin, a bha air a sgrìobhadh le banntrach-cogaidh ann an 1918.

Tha iad air a bhith a' feuchainn ri tuigse fhaighinn air an t-suidheachadh anns an robh na saighdearan a thàining bho na coimhearsnachdan aca fhèin.

Tha an carthannas Outpost air a bhith ag obair còmhla ris na sgoiltean air a' phròiseact.

'S e ainm a' phròiseict - "Fir Loch Bhraoin tro shùilean chlann Loch Bhraoin".

Image copyright Jemma Middleton

Bha na trainnsichean air an cladhach le innealan, is thug an obair 13 là.

Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX

Bha tidsear ann an àrd-sgoil Ulapuil, Jemma Middleton, agus luchd-obrach saor-thoileach, ag obair 15 uairean gach là airson an obair a dhèanamh.

Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Jemma Middleton
Image copyright Jemma Middleton

Fhuair am pròiseact maoineachadh bhon Chrannchur Nàiseanta agus Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Bidh là fosgailte ann dhan choimearsnachd Là na Sàbaid.

Rinn a' chlann "batal" le gunnaichean leusair, agus thuirt an tidsear aca, Jemma Middleton, gun tug seo sealladh do na sgoilearan air beatha anns na trainnsichean.

Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX

"Fhuair na sgoilearan tuigse air cho duilich is a bha an suidheacahdh airson nan saighdearan agus chuir sin crith tromhpa.

"Tha sinn cuideachd a' dol a dhèanamh ath-chruthachaidh den gheama bhall-coise Là na Nollaige a tha cho ainmeil, agus cluichidh sgioba de sgoilearan an aghaidh sgioba bhon choimhearsnachd.

Bidh cothrom aig sgoiltean eile tadhal air an raon bhlàir cuideachd, is mar thà rinn 20 sgoil air feadh Alba bucadh airson tadhal air.

Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX