Dragh mu chìs-leapa

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Nochd rabhadh gum faodadh cìs ùr air luchd-turais cron a dhèanamh air eaconomaidh na Gàidhealtachd.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga a' cur an aghaidh na cìse gu làidir.

Tha beachd air a bhith ann gum bu chòir cìs, 's dòcha £1 gach oidhche, a chur air luchd-turais, is an t-airgead sin a chosg air bun-structar.

Tha cìs den leithid ann an cuid de dhùthchannan eile.

Buannachd

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd aithisg an-uiridh a sheall gum faodadh 'cìs-leapa' suas ri £10m a thogail gach bliadhna.

Tha ceannardan na Comhairle air iarraidh gum biodh deasbad ann mun chùis.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt ceannard buidseit an ùghdarrais, Alasdair MacFhionghain, gum faodadh "buannachd mhòr" a bhith an lùib na cìse.

"Tha sinn toilichte gu bheil luchd-turais a' tighinn dhan Ghàidhealtachd ach tha seo a' cur cuideim mhòir air na seirbheisean againn", thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Comhairliche, Alasdair MacFhionghain, is Murchadh Caimbeul, aig a bheil taigh-aoigheachd, is iad a' deasbad 'cìs-leapa' do luchd-turais.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gu bheil rannsachadh a rinn iad am measg ghnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd a' sealltainn gu bheil 73% de chompanaidhean an aghaidh a' mholaidh.

Tha dragh orra gun tèid luchd-turais a dh'àiteachan eile ma thèid cìs ùr a chur orra air a' Ghàidhealtachd.

Dh'fhaodadh sin cron a dhèanamh air eaconomaidh na Gàidhealtachd, tha iad ag ràdh.

"Ann an dùtchannan eile tha VAT pìos math nas saoire, chan eil na cìsean a th' iad a' pàigheadh cho dona", thuirt Hamish Friseal bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga.

Cead

"Tha sinne a' faicinn gum biodh seo gu math dona dha gnìomhachasan beaga anns an sgìre a tha seo, is chan eil gealladh sam bith ann gun tigeadh an t-airgead sin air ais dha na sgìrean anns a bheil i air a togail.

"Tha feum aig a' Chomhairle air airgead an-dràsta is tha sinne den bheachd gu bheil iad a' faicinn seo mar dhòigh eile air airgead a thogail airson na Comhairle fhèin, is cha bhiodh e gu luach sam bith, chanainnsa", thuirt e.

Tha Comhairle Dhùn Èideann cuideachd a' beachdachadh air cìs-leapa is iad ag obair air plana-gnothachais an-dràsta.

Dh'fheumadh ùghdarrasan ionadail cead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus cìs ùr a chur an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile