"Coinneamh a dhìth" mu aiseagan Uibhist

MV Clansman
Image caption Thèid an MV Clansman a-steach airson a càradh aig toiseach na h-ath-mhìos

Tha Buidheann-gnìomha Uibhist ag ràdh gu bheil feum air coinneamh mu aiseagan Uibhist anns an aithghearrachd às dèidh mar a chaidh dearbhadh gum bi an MV Clansman air falbh a-rithist aig toiseach na h-ath-mhìos airson a càradh.

Cha bhi seirbheisean ann eadar Loch Baghasdal 's Malaig fhad 's a tha an Clansman a-mach à seirbheis bhon chiad chun 12mh là den Òg-mhìos.

Bha troimh-chèile mòr air lìonra ChalMac as t-Earrach nuair a thàinig orra aiseagan eile a ghluasad 's obair-càraidh air an aiseig sin a' toirt na b' fhaide na bha dùil.

"Tàmailteach"

Thuirt cathraiche Bhuidheann-gnìomha Uibhist, an Comh Iain MacNèill, gu bheil e tàmailteach gur ann air Uibhist a Deas - tè den na coimhearsnachdan as cugallaiche ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean air fad thuirt e, as motha a tha trioblaidean ChalMac a' toirt buaidh.

Thuirt e gun deach gealltainn dhaibh an t-seachdainn a chaidh gun deadh conaltradh a dhèanamh leis a' choimhearsnachd mus tigeadh atharrachadh air seirbheisean aiseig, ach nach robh sin air a bhith ann an turas seo nas motha.

Tha e mothachail, thuirt e, gu bheil CalMac air an cuingealachadh taobh a-staigh a' chùmhnant a th' aca, agus le aiseagan a tha a' sìor fhasa nas aosta, ach thuirt e gu bheil feum aig muinntir Uibhist air seirbheisean aiseig anns an gabh earbsa a chur.

Thuirt CalMac gur e obair riatanach a tha seo is gu bheil iad mu-thràth air leisgeul a thabhann air na coimhearsnachdan air an toir e buaidh.

Thuirt iad gum bi làn sheirbheis a' toiseachadh a-rithist air an 13mh là den Òg-mhios.

Tuilleadh air an sgeulachd seo