Tèarmann Nàiseanta ùr an Uibhist

Loch Druidibeg Image copyright SNH / Lorne Gill

Thèid tèarmann nàiseanta ùr a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.

'S ann air còrr is mìle heactair de dh'fhearann timcheall Loch Druidibeg a bhios e.

Bha tèarmann nàiseanta an seo fo stiùir SNH gu 2012.

Tha SNH a-nise air aontachadh am fearann a chur ann an làmhan Stòras Uibhist.

Bidh Stòras ag obair ann an co-bhanntachd ris an RSPB gus an tèarmann a stiùireadh.

Turasachd

Bidh goireasan nas fheàrr ann do luchd-tadhail, is thèid smachd a chumail air àireamh nan gèadh is nam fiadh.

Thuirt SNH gu bheil iad glè thoilichte am fearann a chur ann an làmhan Stòras Uibhist, is iad ag ràdh gur e ceum eile a tha seo a dh'ionnsaigh targaid Riaghaltas na h-Alba millean acair a bhith fo smachd choimhearsnachdan sa bhliadhna 2020.

Thuirt Stòras Uibhist gu bheil iad air an dòigh.

"S e cothrom air leth a tha seo dhuinn a bhith ag obair còmhla ri SNH is an RSPB gus am fearann a stiùireadh is àrainneachd a dhìon sa phàirt seo de dh'Uibhist a Deas", thuirt cathraiche Stòras, Aonghas MacIlleMhaoil.

"Tha sinn an dochas gun tig mòran dhaoine dhan tèarmann, a bharrachd air na cothroman eaconomach eile a tha an lùib tùrasachd nàdair", thuirt e.

Thuirt RSPB na h-Alba gu bheil iad an dùil is an dòchas gum bi an tèarmann ùr a cheart cho soirbheachail 's a tha am fear a th' aca am Baile Raghnaill an Uibhist a Tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile