Spiorad na Croitearachd

Croitean
Image caption Tha na duaisean ag amas air aithne a thoirt do chroitearan òga

Thèid dà dhuais ùr a thoirt seachad airson Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh.

Thathas airson comharrachadh an àite a th' aig daoine ùr ann an croitearachd le na duaisean "Spiorad na Croitearachd 2018".

Bidh duais ri fhaighinn do neach eadar 16 agus 25 bliadhna de dh'aois aig a bheil ùidh anns an fhearann, agus a th' air ùr thòiseachadh ann an croitearachd.

Bidh an dàrna duais, "Croitear òg na bliadhna" fosgailte do dhaoine suas ri 40 bliadhna de dh'aois a tha nan eisimpleir do dhaoine eile.

Gheibhear bileagan-tagraidh air làrach-lìn Chaidreachas Croitearachd na h-Alba an seo.

Thèid na duaisean a thoirt seachad ann an Dàmhair, le deireadh-sheachdainn de thachartasan sònraichte ann an sgìre Mhoireibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile