Rabhadh mu na fèidh

Published
image copyrightGetty Images
image captionThèid soidhnichean rabhaidh a lasadh ri taobh nan rathaidean far a bheil fèidh nan cunnart

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' toirt rabhadh do dhràibhearan a bhith mothachail de dh'fhèidh air na rathaidean 's barrachd thubaistean ann leotha aig an àm seo den bhliadhna.

Bhon 21mh dhen Chèitean bidh soidhnichean gan lasadh ri taobh nan rathaidean mòra ann an Alba anns na h-àitichean far a bheil tubaistean le fèidh as bitheanta.

Thuirt Jamie Hammond bho SNH gum bi fèidh òg tric a' dol tarsainn air na rathaidean mun àm seo den bhliadhna, 's iad gan ruagadh lem màthraichean air thoiseach air àm breith na bliadhna-sa.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh