"Cultar de dhìomhaireachd" aig Comhairle na Gàidhealtachd
- Published
Thathas a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil "cultar de dhìomhaireachd" aca, 's nach eil iad deònach innse na tha luchd-leasachaidh prìobhaideach a' toirt seachad airson pròiseactan mòr bun-structair.
Tha seo às dèidh mar a thàinig air a' BhBC Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a chur gu feum, agus iarraidh air Coimiseanar an Fhiosrachaidh a dhol an-sàs anns a' chùis, airson faighinn a-mach dè thàinig às an eas-aonta eadar a' Chomhairle agus Tesco mu na phàigh a' chompanaidh airson rathad ùr a thogail ann an Inbhir Nis.
Bha luchd-lagh Tesco a' cumail nach leigeadh iad a leas càil a phàigheadh, seach nach deach an rathad ùr, an ceangal an iar, a thogail taobh a-staigh na h-ùine a chaidh aontachadh.
Tha e a-nis air tighinn am barr ge-tà gun do phàigh iad £335,000 nuair a chaidh a' chùis gu cùirt.
"Dìomhaireachd"
Tha BPA Uaineach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iain Finnie, ag ràdh gu bheil e na bhriseadh-dùil dha nach robh Comhairle na Gàidhealtachd deònach am fiosrachadh seo a thoirt seachad, agus thuirt e gum bu chòir am pròiseas dealbhachaidh, agus na tha luchd-leasachaidh a' pàigheadh, a bhith nas fhollaisiche.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gu robh i toilichte gun tàinig rèite, agus chaidh i às àicheadh gu robh cus dìomhaireachd air a bhith an luib na cùise.
Thuirt i gu bheil, anns a' chumantas, luchd-leasachaidh deònach airgead a thoirt seachad 'son leithid rathaidean agus sgoiltean.
Dhiùlt Tesco beachd a thoirt seachad.